Sankt Peterburg
Russia /
Sankt Petersburg /
Saint Petersburg /
World
/ Russia
/ Sankt Petersburg
/ Saint Petersburg
, 25 km from center (Санкт-Петербург)
/ An Ruis /
baile mòr, first-level administrative division (en), hero city - Soviet honorary title (en)
‘S e baile mòr air an àirde an iar-thuath na Ruise a th’ ann an Санкт-Петербург neo Sankt-Peterburg (IPA: sankt pʲɪtʲɪr’burk, Beurla: Saint Petersburg, Gaeilge: Cathair Pheadair, Fionnais: Pietari). Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1703 leis an Rìgh Peadar Mòr mar phrìomh-bhaile ùr airson an dùthaich a leasachadh is leis gu robh e na b' fhaisge air an Roinn Eòrpa na Moscobha. Tha e suidhichte ri taobh na h-Aibhne Neva, anns an roinn (Ruiseis: Okrug) Iar-Thuath na Ruise, aig astar dhe 633km bho Mhoscobha (prìomh-bhaile na dùthcha) agus 18km bho Kronshtadt agus Am Muir Baltach air an taobh thall a’ bhàigh Nevskaya Guba.[1] Tha 4,661,219 duine a’ fuireach anns a’ bhaile, an darna baile as motha na dùthcha.[2]
Bha ainm a' bhaile gu math connspaideach fad an 20mh linn. Thug Peadar Mòr ainm le coltas Gearmailteach air a' bhaile ùr aige is e ag iarraidh prìomh-bhaile na b' Eòrpaiche agus na b' adhartaiche. Ach b' fheudar dhan Tsar an t-ainm atharrachadh gu Petrograd aig àm a' chiad cogaidh ann an 1914. Chaidh an t-ainm air atharrachadh a-rithist gu Leningrad mar chuimhne air Lenin nuair a bha na Comannaich os cionn riaghaltas na dùthcha ann an 1924. Chaidh an t-ainm tùsail a thoirt air ais ann an 1991 nuair a bhrist an t-Aonadh Sobhiat a-mach a chèile.

Wikipedia article: http://gd.wikipedia.org/wiki/Sankt_Peterburg
Nearby cities:
Coordinates: 59°56'21"N 30°5'32"E
This article is protected.